skip tocontent

ar bileag airson luchd-ceannachd

do ghearan agad agus an t-ombudsman

mun ombudsman

Ma tha thu mì-thoilichte le rudeigin a rinn gnìomhachas airgid, faodaidh tu fios a chur gu Seirbheis Ombudsman an Airgid.

Cha chosg e dad a bhith gar cleachdadh. Bheir sinn sùil air a’ ghnothach agus bheir sinn seachad beachd neo-thaobhach. Mas e ʼs gun deach rudeigin ceàrr, cuidichidh sinn gus a chur ceart.

Rannsaichidh sinn connspaidean mu na leanas:

  • cunntasan banca
  • cairtean-creideis, cairtean-fhiachan is cairtean bùtha
  • àrachas dìon a’ phàighidh (PPI)
  • àrachas eile, leithid motair, turais is taigheadais
  • iasadan, nam measg sin, ceannach iasaid
  • creideas eile, leithid maoineachaidh airson càir
  • morgaidsean
  • trioblaidean ais-phàighidh agus tional fhiachan
  • tar-aiseagan airgid agus pàighidhean air-loidhne
  • comhairle ionmhasail, sàbhaladh agus seilbhean
  • peinnseanan

Mura bheil cinnt agad an urrainn dhuinn do chuideachadh, fòn thugainn air 0800 023 4 567. Leig fios dhuinn ma tha thu ag iarraidh oirnn fònadh air ais. Bidh sinn a’ clàradh ʼs a’ sgrùdadh ghairmean mar dhòigh air an t-seirbheis againn a leasachadh.

dè bu chòir dhomh dèanamh an toiseach?

An toiseach, thoir cothrom ceartachaidh don ghnìomhachas. Cuir fios thuca gus mìneachadh dè thachair – agus ciamar a dh’fhaodadh iad cùisean a chur ceart.

Air dhut gearan a thogail, feumaidh an gnìomhachas am "freagairt dheireannach" a thoirt dhut. Feumaidh iad sin a dhèanamh an taobh a-staigh ochd seachdainean aig a’ char as fhaide, a rèir ʼs dè an sgeul-gearain agad.

Mura bheil thu riaraichte leis a’ cho-dhùnadh – air neo, mur faigh thu freagairt bhon ghnìomhachas – leig fios dhuinn.

Mura bheil cinnt agad ciamar a thòisicheas tu air a’ ghnothach, cuir fios thugainn – agus innsidh sinne dhaibh mun trioblaid agad.

Tha crìoch-ùine ann airson gearan a thogail – mar sin, is fheàirrde dhut gluasad cho luath ʼs a ghabhas. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh a thaobh seo nas fhaide shìos. Mas ann mu dheidhinn àrachas dìon a’ phàighidh (PPI) a tha an gearan agad, feumaidh tu gearan ris a’ ghnìomhachas ro 29 Lùnastal 2019 aig a’ char as fhaide.

ciamar a dh’iarras mi oirbh a dhol san eadraiginn?

Feumaidh tu fios a chur thugainn taobh a-staigh sia mìosan an dèidh dhut an fhreagairt mu dheireadh bhon ghnìomhachas fhaighinn – aon-chuid air a’ fòn no le bhith a’ tadhal air an làraich-lìn againn. Bidh sinn ag iarraidh:

  • beagan eòlais phearsanta ort – leithid d’ainm is seòlaidh-phuist
  • fios air a’ chonnspaid – agus ciamar a rèiticheas sinn dhut i a bharrachd air
  • fiosrachadh deatamach – leithid an àireimh-chunntais no phoileasaidh agad.

Leig fios dhuinn ciamar a nì sinn cùisean nas fhasa dhut – mar eisimpleir, le bhith a’ cleachdadh cànan eile, no Braille, clò mòr no CD.

a bheil ceann-là ann airson gearan a thogail?

Tha crìochan-ùine ann airson a bhith a’ gearan. Mar sin, is fheàirrde gluasad cho luath ʼs a thuigeas tu gu bheil trioblaid ann – no a cho-dhùineas tu nach eil thu toilichte le freagairt a’ ghnìomhachais. Dh’fhaoidte nach tèid againn air do chuideachadh:

  • ma thachair an gnothach bho chionn còrr is sia bliadhna agus
  • ma tha trì bliadhna air a dhol seachad bho thug thu an aire (no a bha còir agad, le barail reusanta, toirt an aire) gun robh adhbhar gearain ann.

ʼS fhiach cuimhneachadh gum feum thu fios a chur thugainn taobh a-staigh sia mìosan bhon latha a thug an gnìomhachas freagairt mun ghearan agad.

Agus ʼs e 29 Lùnastal 2019 an ceann-là airson a bhith a’ gearan air PPI. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air seo aig www.fca.org.uk/ppi.

ciamar a rannsaicheas sibh a’ chonnspaid?

Nuair a gheibh sinn am fiosrachadh agad, bidh sinn:

  • ag iarraidh an taobh agadsa dhen chùis, agus taobh a’ ghnìomhachais
  • a’ faighinn fios air dè a thachair – a’ beachdachadh air agus
  • ag innse dhutsa agus don ghnìomhachas mu dè a tha sinn a’ smaoineachadh.

Ma tha sinn dhen bheachd nach robh ann ach mì-thuigse – no nach do chaill thu dad – mìnichidh sinn dhut carson. Ach ma cho-dhùineas sinn nach deach dèiligeadh riut gu cothromach, innsidh sinn don ghnìomhachas cùisean a chur ceart.

Chan fheum thu gabhail ris na chanas sinn. Cha leig thu leas ach innse dhuinn mura bheil thu ag iarraidh ar cuideachadh tuilleadh. Ach ma mhìnicheas tu carson a tha thu mì-thoilichte, feuchaidh sinn ri cùisean a rèiteachadh gu cothromach.

dè cho fada ʼs a bheir e?

Tha sin an crochadh air dè seòrsa connspaid a th’ innte.

Mar eisimpleir, mur b’ e ach mearachd a bh’ ann , ʼs dòcha gun rèitich sinn cùisean an ceann corra latha. Ma dh’fheumas sinn tuilleadh fiosrachaidh, dh’fhaodadh grunn seachdainean a dhol seachad.

Ach ma tha cùisean nas toinnte – air neo, tha thu a’ gearan air PPI – dh’fhaodadh e toirt nas fhaide. Innsidh sinn dhut daonnan mu dè a tha a’ tachairt gus nach tig dad ort gun fhios.

Is dòcha gun toir e nas fhaide cuideachd mur gabh thu fhèin no an gnìomhachas ris an rud a chanas sinn - ʼs sibh ag iarraidh co-dhùnadh oifigeil, deireannach air an ombudsman. Ach chan eil seo riatanach airson a’ mhòr-chuid de chùisean.

Innis dhuinn ma tha an suidheachadh agad èiginneach – mar eisimpleir, ma tha tinneas trom ort no ma tha thu ann an càs a thaobh airgid.

am feum mi cuideachadh ’son a dhol gun ombudsman?

Tha sinn airson cluinntinn bhuat nad fhacal fhèin – agus mìnichidh sinn rud sam bith air nach eil cinnt agad. Mar sin, chan fheum thu duine sam bith a phàigheadh gus gearan a thogail dhut – mar eisimpleir, neach-lagha no companaidh-tagraidh.

Ma phàigheas tu cuideigin, dh’fhaodadh sin tighinn às an airgead-dìolaidh agad.

Ma thogras tu, bruidhnidh sinn ri ball-teaghlaich, caraid no buidheann eile a tha a’toirt cuideachadh an-asgaidh dhut – leithid Biùro Comhairleachaidh a’ Phobaill.

a bheil an t-ombudsman coltach ri cùirt-lagha?

Chan eil sinn cho foirmeil ri cùirt. Chan iarr sinn ort tighinn nar coinneimh gus do "chùis" a thagradh. Rèitichidh sinn gnothaichean air a’ fòn agus le co-sgrìobhadh.

Ach chan eil ar seirbheis freagarrach anns gach suidheachadh. Is e £150,000 an t-suim as motha a bheir sinn air gnìomhachas do phàigheadh. Mar sin, ma shaoileas tu gu bheil thu airidh air barrachd, dh’fhaodadh e bhith na b’ fheàrr a dhol don chùirt.

Air neo dh’fhaoidte gum b’fheàrr leat a’ chùirt ma tha thu airson an gnìomhachas thar-cheasnachadh leat fhèin.

Chan àbhaist dhuinn connspaid a rannsachadh air an tug cùirt sùil a-cheana. Agus ma ghabhas tusa ri co-dhùnadh deireannach an ombudsmain againn, cha toir cùirt sùil air na h-aon rudan ceudna. Tha sin air sgàth ʼs gu bheil an co-dhùnadh mu dheireadh againn “ceangaltach” fon lagh.

Mura bheil thu a’ gabhail ri co-dhùnadh deireannach an ombudsmain, faodaidh tu an gearan agad a thoirt gu cùirt fhathast. A chionn ʼs gu bheil cùirtean a’ dèiligeadh ri gearanan ann an dòigh eadar-dhealaichte bhuainne, dh’fhaodadh am freagairt a bhith eadar-dhealaichte cuideachd.

Co-dhiù tha thu a’ gabhail ri co-dhùnadh an ombudsmain gus nach eil, cha tèid sinn an sàs nas fhaide tuilleadh.

tha gnìomhachas beag agam – an urrainn dhuibh mo chuideachadh?

Is urrainn dhuinn coimhead air gearanan bho ghnìomhachasan beaga aig a bheil:

  • bathar-luach bliadhnail de suas ri dà mhillean iùro (bàrr-suime air a suidheachadh fo lagh an Aonaidh Eòrpaich) agus
  • nas lugha na deichnear chosnaichean.

Cha bhi e daonnan cho sìmplidh sin ge-tà. Ma chuireas tu fios thugainn, innsidh sinn dhut mas urrainn dhuinn do chuideachadh.

an urrainn dhuibh càin a leigeil air gnìomhachasan?

Chan e ar gnothach gnìomhachasan a pheanasachadh, no càin a chur orra. Rannsaichidh sinn dè a thachair riutsa – agus mas e ʼs gun do rinn an gnìomhachas rudeigin ceàrr, nì sinn cinnteach nach eil do sporan dad nas aotruime.

Ach bidh sinn ag innse don riaghlaiche, Ùghdarras Giùlain Ionmhasail (FCA), mu na rudan ris an tachair sinn. Bidh am FCA a’ suidheachadh nan riaghailtean a leanas gnìomhachasan – agus a’ cur càin air gnìomhachasan nach cùm riutha.

Chan e ach stiùireadh coitcheann a tha seo. Tha na riaghailtean ris am bi sinn a’ cumail uaireannan toinnte, ach mìnichidh sinn dhut iad mar a tha iomchaidh.

a' freagairt air d' fheumlachdan is a' bruidhinn do ch nain

Is urrainn dhuinn ar foillseachaidhean a chur a-mach ann am Braille, clò mòr no air teip.

Gheibhear fiosrachadh ann an caochladh ch nanan eile.

Gheibhear ar bileag airson luchd-ceannachd ann an cruth a tha soirbh a leughadh (cruth teacsa ruigsinneachd).